Tha mòran ri dhèanamh anns an sgìre sa a leithid; siubhal nam monaidhean, sreap (a h-uile ìre comais), tursan baidhsagail, iasgach mara is locha, tursan bàta, gun luaidh air an taigh-bhainne, West Highland Dairy, air a bheil fèill mhòr is a tha a’ reic nan reòiteagan is a’ chàise aca fhèin.
12 mìle mu thimcheall Tigh a’ Bhruaich
Tha caisteal ainmeil Eilean Donnain faisg air an Dòrnaidh, baile beag laghach far am faighear biadh math anns na taighean-seinnse cho math ri tì is cèicean ann an café a’ Chaisteil.
Tha bùth Spar, oifis a’ phuist is taigh-seinnse ann am Baile Mac Ara.
‘S e Caol Loch Aillse prìomh bhaile na sgìre. Tha bùithtean beaga, snog air a’ phrìomh shràid agus stèisean-peatrail, bancaichean is oifis a’ phuist. Tha taighean-bidhe ann cho math ri taighean-seinnse far am faigh sibh deoch mhath, fhuar an dèidh latha trang a’ siubhal na sgìre. Tha amar-snàmh agus ionad-spòrs ann – ma thig an t-uisge. Tha taighean-beaga a’ Chaoil air iomadh duais a chosnadh cuideachd – a bhios feumail ma chuireas sibh an latha seachad air a’ bhlàr a-muigh!
Tha baile Loch Carran air an rathad a tuath aig ceann an locha. ‘S e baile beag a th’ ann anns a bheil stèisean-peatrail, banca is oifis a’ phuist cho math ri raon goilf àlainn.
An sgìre mu thimcheall
Chan eil an Cuiltheann san Eilean Sgitheanach ach 30 mionaidean air falbh.
Chan eil beanntan Chinn Tàile ach 20 mionaid air falbh.
Tha an t-Eas Glòmach agus Gleann Sheile mu 30 mionaidean air falbh.
Tha a’ Chomraich mu 40 mionaid air falbh.
Chan eil dùin Ghleann Eilg ach uair an uaireadair air falbh air slighe àlainn agus turas bàt’-aiseig bhon Eilean Sgitheanach.
Agus ma tha sibh a’ sireadh rudeigin gu tur eadar-dhealaichte bidh comann eachdraidh na sgìre a’ cur fàilte bhlàth air luchd-turais. Cuiridh sgioba iomain na sgìre, Ceann Loch Sheile, a bhios a’ trèanadh air an oidhche tron t-seachdain, fàilte oirbh cuideachd, agus ’s ma dh’fhaoidte gum faic sibh geama air a’ phàirc iomain faisg air Baile Mac Ara.