Tha flat fèin-fhrithealaidh againn a tha ùr is cofhurtail.
An t-àite-fuirich
Tha seòmar dùbailte ann agus seòmar le dà leabaidh shingilte. Tha an seòmar-suidhe mòr is cofhurtail le stòbha agus telebhision, wifi is geamannan ann. Tha a h-uile goireas ris am biodh dùil ri fhaighinn sa chidsin, a leithid inneal-shoithichean; àmhainn microwave; frids; cucair dealanach. Tha fras dealanach agus teasadair-shearbhadairean san t-seòmar-ionnlaid.
Seirbheisean
Bidh anart leapa agus searbhadairean ann dhuibh.
Bidh fiodh ann airson an teine.
Tha innealan nigheadaireachd is tiormachaidh anns a’ phoirdse shìos an staidhre.
Gheibhear a-steach don àite-fuirich air an staidhre phrìobhaidich a-muigh.
Bracaist
Fàgaidh sinn bracaist fhuar dhuibh sa flat a dh’fhaodas sibh a ghabhail nuair a thogras sibh fhèin. ‘S ma dh’fhaoidte gun còrdadh e ribh bracaist a ghabhail is sibh a’ coimhead a-null air baile beag croitearachd an Achaidh Mhòir.
‘S i a’ Ghàidhlig cànan na dachaigh seo.