‘S e Tigh a’ Bhruaich an dearbh àite dhuibh airson nan làithean-saora agaibh anns a’ Ghàidhealtachd.
Tha sinn ann am meadhan a’ bhaile bhig Ghàidhealaich, An t-Achadh Mòr, a tha an dà chuid sàmhach is càirdeil. Tha slighean coille ann far am faic sibh beathaichean am pailteas san àrainneachd nàdarra aca fhèin a leithid taghanan, fèidh, neasan, bruic, biastan-dubha, crodh Gàidhealach, caoraich dhubha Ghàidhealach agus eòin de dh’iomadh seòrsa.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun sgìre againn aig www.stromeferry-and-achmore.co.uk no thoiribh sùil air na nithean a tha ri dhèanamh san sgìre agus ’s urrainn dhuibh na làithean-saora agaibh a chur air dòigh le taic bhuainn fhìn cuideachd.